Thug Mi 'N Oidhche 'N Raoir Sunndach
[Fonn / Tune]
Thug mi 'n oidhche 'n raoir sunndach
Beatadh dlùth ris a' chaladh,
Gus an d'ràinig mi 'n t-àite
Far an d'fhàg mi mo leannan,
Fhuair mis' i 's i pòsda
Ri fear òg aig a' bhaile,
Le snaim dhainginn nach fhuasgail,
Dh'fhàgas truagh mi ri 'm mhaireann.
'S truagh nach robh mi 's mo leannan
Ann an gleannan a' cheòbain,
No an iomall na coille,
Far an goireadh an smeòrach;
Bhiodh mo làmh, a ghaoil, tharad,
'S mo cheart air' air do phògadh,
'S an làmh eil', a ghaoil, sìnte
Fo d'chùl snìomhain donn, bòidheach.
Chiall a mhnathan an t-saoghail,
Cuim' nach faodadh tu falbh leam?
Dean deas do chuid aodaich,
'S gu'n faodamaid seòladh,
Gheibh sinn bàt' ar toirt thairis,
'S gillean grad 'chuireas seòl ris,
'S théid sinn thairis a dh'Eirinn,
Far nach eubh iad ri'm beò sinn.
Ach ma chaidh thu, ghaoil, thairis,
'S nach leannan thu dhomhsa,
Gu'n cluinn mi 'ga aithris,
Gur neach air deagh dhòigh thu,
Le crodh druimionn is guaillionn
Air do bhuaile mar chòmhla;
Nighean eile 'gan cuallachd,
Is thusa fuaigheal a'd sheòmar.
Mo mhallachd air gach duine,
Rinn ar cumail o chéile;
Tha mi 'm bliadhna 's an uiridh
Fo mhulad mu d'dhéidhinn;
An toll chaidh a'm chridhe,
Cha dèan lighichean feum dha,
Gus an téid mi 'san anart,
Is mo sparradh na déile.