Tighinn Air a' Mhuir Tha 'm Fear a Phòsas Mi


[Fonn / Tune]



Tighinn air a' mhuir tha 'm fear a phòsas mi,
Tighinn air a' mhuir tha 'm fear a phòsas mi,
Tha e tighinn air an t-slighe, gille buidhe bòidheach
Cìobair nan òisgean a phòsas mi.

[Séisd:]
Tha m'ulaidh air, tha m'ulaidh air, tha m'ulaidh air a' chìobair,
Tha m'aighear air, tha m'aighear air, tha m'aighear air a' chìobair,
O m'eudail an t-sùil, air a' mhala bha 's a cionn,
Rùn mo chridhe air a' ghille, gràdhan air.


Théid thu null air an fhadhail, nì thu sin
Thig thu nall air an fhadhail agus nì thu sin,
Théid thu null air an fhadhail, nì thu ghruagach a thadhal
Far na dh'fhàg thu do roghainn bidh thu sin.