Tog Orm Mo Phìob

[Fonn / Tune]



Tog orm mo phìob is théid mi dhachaidh,
Is truagh leam fhìn, mo léir, mar thachair;
Tog orm mo phìob, 's mi air mo chràdh,
Mu Ruairidh Mór, mu Ruairidh Mór.

Tog orm mo phìob: tha mi sgìth,
'S mur faigh mi i, théid mi dhachaidh,
Tog orm mo phìob: tha mi sgìth,
'S mi air mo chràdh mu Ruairidh Mór.

Tog orm mo phìob: tha mi sgìth,
'S mur faigh mi i, théid mi dhachaidh,
Clàrsach no pìob cha tog mo chridh' --
Cha bheò fear mo ghràidh, mo Ruairidh Mór.