Trod Nan Cailleach

[Tune, 1st Part]
[Tune, An Casadh]



[Thòisich Nic a' Mhanaich, An Té Uibhisteach:]

Hugaibh i sin hùgaibh eile,
Hó horó hugaibh ì,

Cha téid Mór a Bharraidh bhrònach,
Hóro hugaibh ì.

Hugaibh i sin, [etc.]
Hó horó, [etc.]

Cha téid Catriona ga deòin ann,
Hóro hugaibh, [etc.]

Na Anna bheag ma 'si 's òige,

Far am bi na sgait air fleòdradh,

Dallagan nan sùilean rògach,

Muirsgin 'ga tharraing nan còta,

Bheireadh strùbain 'sa bhiadh lòin dhaibh!


[Fhreagair Nic Iain Fhinn, An Té Bharrach:]

'S fhada mi 'm chadal 's mi dòltram,

Tha linn dubh mo chinn air dòrtadh

'G éisdeachd ri bleideig a Ròaidh;

Chum nach d'dh'fhoighneachd i 'm bu bheò mi?

Gheobhadh do comain do chòmhraidh

Na fóghnadh easgainn mo bheòil e.

'S truagh nach robh thu seal air m'òrdan

'S da shac diag gu teine mòna,

'S do theanga a bhith air bior ròsda,

Slaodadh ris an Tùr air ròpa,

'S na coin mhóra bhith 'gad shròiceadh,

Na mucan ag ithe t'fheòla!

A chailin dubh 's a dhubh-bhrògach,

Cheangladh t'athair leis na ròpan,

Struth as a smuig feadh nan lònaibh!

Ogha rag-mheàrlaich an eòrna,

Nighean cailleach dhubh an fhòtais,

Bradag nan obag 's nan òisneag

Bheireadh air na luingeis seòladh

Air aodann na Beinn' Móir' Di-dòmhnaich,

A chuireadh na cuirp mharbh an còmhlan.

Cha b'i mo thìr an tìr bhrònach

Tìr a' choirce 's tìr an eòrna,

Tìr uisge bheath' augs beòirich,

Dh'fhàsadh peasair, dh'fhàsadh pònair,

Dh'fhàsadh biolair air a lòintean,

Gheobhadh Eireannaich an leòir innt',

Nam fòghnadh muc, ìm, is feòil dhaibh,

Sitheann mu seach agus ròsda,

'S mairtfheoil 'ga bruich, muc 'ga stòbhadh,

Tubhailtean geal' air na bòrdaibh,

'S gille frithealadh an còmhnaidh.

C'a' na shuidh i air a còta

Nighean Tighearna no Tòisich,

Ged a bhiodh i air a h-òradh,

O mhullach a cinn gu a brògan

Nighean Tighearna no Tòisich,

Nach b'airidh Gill' Eòghanan Òg oirr'?

'S ann bha e shliochd nam fear móra

Thogadh creach 's a thilleadh tòrachd!


[Thionndaidh Nic Iain Fhinn an uair sin ris a' Chasadh:]

O hùg o,
Chailleach chrùbach,

O hùg o,
Lùgach, iollagach!

O hùg o, [etc.]
Bhradach, bhriagach,

Bhialach, ionasdach,

Bhreugach, sgeulach,

Éisgeach, inisgeil,

Tha do theanga

Leathan, còmhnard,

Tha trì roinn oirr',

'S faobhar leòit' oirr',

Chaidh i ri cloich

Air a bhòn-dé!

Mi thighinn dhachaidh,

B'fheàrr dhomh bhith

'Na mo bhreacan,

Na 'g éisdeachd ris na

Chluinn mi ana-cainnt,

Sìor-chur sìos,

Air Niall a' Chaisteil,

Cha b'e do dhìol

Dh'aodach leap' e --

Cluasagan òir

Deirg a' lasradh,

'S na h-eich chruidheach,

Shrianach ghlasach,

Chàireadh e flùr

Air an dealt dhaibh!

Bu tu a' bhradag

Dh'fheann na caoraich,

Dh'itheadh tu na

Caoirich mhaola,

'S tu 'gan draghadh

As na fraochaibh!

Shluigeadh tu

Muc le gaoiseid,

Shluigeadh tu na

Searraich mhaola,

Chrochadh t'athair

Leis na taodan,

Dh'fhalbh do mhàthair

Air an t-sluagh aotrom!

Gun téid an clò

Gun ìm gun fheòil!



[Agus lean Nic Iain Fhinn oirre mar sin, agus gu dé thachair ach nuair a sguir i dhe a càineadh, thuit an té Uibhisteach 'na plod air a' chleith m'a coinneamh. "Togaibh a' chailleach a-mach as an taigh is cuiribh té eile 'na h-àite", arsa Nic Iain Fhinn, "'s gun mhi leathach!" Dh'fhalbh na h-Uibhistich an uair sin gu greim a dhèanamh oirre, agus rinn ise an uair sin falbh còmhla ris an sgiobadh Bharrach. Nuair a ràinig iad an sgoth aca, leum iad innte, gheàrr iad an ròpa, thug iad a-mach agus ràinig iad Barraidh.]