Tuireadh Iain Ruaidh

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Thug thu dhiom-sa 'ghrian san speur,
Faill ill o hug o ro è,
Spìon thu asam mùirn mo chlèibh,
Faill ill o hug ò ro eile.


Gheall mo ghràdh dhomh sìoda is sròl,
Còmhdach rìomhach, seudan òir;
Gheall e mire 's blasdachd beòil
'S caithream chlàr a dhùisgeas òrain.

Cò o'm faigh mi biadh air bòrd,
Thrèig mo shòlas 's m'àilleachd neòil;
Thrèig mo stiùir, mo ràmh, mo sheòl,
Dh'imich saoidh nan dualan òr-bhuidh'.

Fuar a chrè air rèidh a' bhlàir,
Fàth mo bhròin is cùis mo chràidh;
Dìomhain deòir a' ruith chun làir,
Dìomhain cridh' nach diùtadh annsachd.

Dìobradh dàmh a mhang 'san fhrìth,
Dìobradh eal' a h-ealag fhìn;
Dìobradh màthar rùn a cridh',
'S i gun dàimh, gun ghaol, gun dìonadh.