An Turas A Bha Cearbach

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Hillean o hillean ì,
Hillean o hillean ò,
Fàl il lé 's na hò ro ì,
Gu dé nì mi mur faigh mi thu?


Gum bidh cuimhn' agam gu bràth
Air a' bhliadhn' a fhuair mi 'n "Starr";
Cha robh ban-sgoilear 's an àit'
Nach tug a làmh 's a gealladh dhomh.

Clann Choinnich 's na cnuic ud shuas
Bidh iad a' fochaidh orm 's gach uair;
Gu tric a thug iad mi mu'n cuairt
Le truas anns a' "Phontiac".

Gur ann feasgar anmoch Diluain
Chaidh mi dh'àite Chaluim Ruaidh,
A dh'iarraidh dà chaor' is uan
'S bidh tuasaid ann mur faigh mi iad.

A' dol sios an "turn" cham,
Chaidh an tuainealaich 'nam cheann,
Bha mi treun nuair bha mi beò,
'S e Seumas Eòin a's athair dhomh.

Dh'éubh an t-Innseanach, "Let go.
I'm afraid she'll burst, explode."
Leum mi air a' "running board"
'S cha mhór nach d'rug a' lasair orm.

Mig mo bhràthair, theich e bhuam,
Gun do leum e air a' bhruaich;
A' Chonair Mhuire dèanamh fuaim
'S gun chuir e cuairt le aithreachas.

Nuair a thig astaigh a' mhìos Màirt,
Théid mi choimhead air Azar,
Nì mi bargan ris gun dàil
Airson "Chevrolet" no "Pontiac".