Turas Do Shiùdaig


[Séisd:]
Hi hù, o hó, nam b'àill leibh e,
Deoch-slàint' an fhir o'n thill sinn.
Hi hù, o hó, nam b'àill leibh e.


Mu thùs na bliadhna thàinig oirnn
A ghluais sinn as a' Bhràighe seo
Thoirt sgriob a choimhead àiteachan
'S chur seachad pàirt d'ar mìghean.

Gu'n d'fhuair sinn beathach, 's phàigh sinn i,
O fhior dhuin-uasal àraide,
'S nuair chuir sin oirre "harness"
Cha robh h-àicheadh anns an tìr seo.

'S nuair rinn sinn béin a chàradh oirnn
'S an t-sléighe dhuinn, 's bu làidir i,
Dol seachad suas am Bràighe
Cha robh dad ri ràdh a dhìth oirnn.

Bha 'n t-side fuaraidh, feannt' againn,
Bha gaoth bho thuath, 's i reoidht' againn,
'S gu'n thadhail sinn an gleann a bh'ann
A shealltainn air an rìbhinn.

'S gu'm bu fada slàint' aig
An fhear ghrinn thug fiar do'n làir againn
'S a thug an cuireadh càirdeil dhuinn
Gu pàirteachadh 'n a dhinneir.

Ach fhir a théid do'n àite sin,
Thoir soraidh choibhneil, chàirdeil uainn
A dh'ionnsaidh Maiseag Phàdruig
Agus Seonaid bhàn nam mìog shuil.

A' dol a-null an àirigh bh'ann
Gu'n d'choinnich seann làir bhàn ruinn
A chuir seachad roinn d'a làithean
Ann am pàircean am Marg' ri seo.

Bu chuimhneach leinn an làir ud
Bhith aig Calum Mór Mac Phàrlain,
Oir bha cas cho cam 's a b'àbhaist di,
'S bha coltas gàbhaidh sgìth oirr'.

'S gu'n d'rinn sinn cùrs' neo-fhàillinneach
Air gleann dubh, fada, fàsachail,
'S gu'n d'fhuair sinn feadhainn chàirdeil sinn,
'S cha nàr leinn bhith 'g a ìnnseadh.

Ged theirinn fhéin gur dòigheil iad,
'S gur sùnndach, fialaidh, ceòlmhor iad,
'S gur dìreach, glan 'n an còmhradh iad
Cha chanainn còrr 's an fhìrinn.

Ach ma gheibh Iain Mac Phàdruig oirnn
Am mach gu'n robh an làir aig' ann,
Théid sinne chur gun dàil
A dh'aindeoin pàighidh, anns a' phrìosan.

'S tha daoine ciatach, còire
Thachair ormsa, 's air Iain Dhòmhnaill,
'S gur i bhean aig Ruben Hawley
A thug aran, eòrn is tì dhuinn.

Gu'n d'thug sinn a' Bhliadhn' Ur oirre
'S an tigh 's am faighe fiùghantachd
Le fear tha fialaidh, mùirneach,
'S cha bu sgeul as ùr ri inns' e.

Bu dòigh cur seachad oidhche dhuinn
Bhith 'g òl gach stuth a dh'fhaighnichte,
'N ar suidhe làimh ri maighdeannan
Làn coibhneis is toil-inntinn.

Bha fir a dh'òladh dram againn,
Bha fir a dhèanadh danns' againn,
Gu lùthmhor, fearail, seòlta,
Nuair a chual' iad ceòl na fidhle.

Gu'n d'ghluais sinn as an àite sinn
Le beagan sneachd air làr againn;
'S e feasgar lar-na-mhàireach
Thug gu àite Thearlaich 'c Nèill sin.

B'e sud an t-àit' a dh'fhaighnichdinn,
'S gu'n d'fhuair sinn mòran coibhneis ann,
'S ged dh'fhanamaid, bhiodh "time" againn,
Gu oidhche nan Trì Rìghrean.

Ach 's eagal leam roimh Bhealltainn
Gu'n tig fios gu àite Sheòrais
Mu na gillean bha 'sa ghleann ud,
'S gu'm bi 'n ceòl air feadh na fidhle!

'S o'n thill sinn sùnndach, sàbhailte,
Do'n tìr 's an deach ar n-àrachadh,
Gu'n d'chuir sinn dhachaidh 'n làir ud
Air a càrdadh, 's air a chìreadh!