'S Uallach Mo Cheum Gu Bràigh Gharaidh
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
'S uallach mo cheum gu Bràigh Gharaidh,
Cuachag a' chruidh 's i gun leanainn,
'S uallach mo cheum gu Bràigh Gharaidh.
Gur e mise tha gu cianail,
Air Loch Leamhainn bha mi 'g iasgach;
Gun do shiab a' ghaoth an iar sinn,
'S cha téid i 'm bliadhna leam thairis.
Gur e mise tha fo mhìghean,
'S mi seo anns an tìr mar chìobair,
Ach nan tigeadh soirbheas dìreach,
Bhithinn-sa sìnte ri'm leannan.
Gur e mise tha gu deurach,
Mi cho eòlach air do bheusan;
'S binn' thu na guth na peucaig',
Maduinn cheutaich 's an earraich.
Gur e mise tha gu brònach,
D'fhaicinn air fear eile pòsda;
'S mi-fhéin a riamh an tòir ort
O'n a bha thu òg 'n a d'leanabh.
Cha bhi mi idir an gruaim riut,
Ged a chuir thu mi cho suarach;
Gu faigh mise fhathast gruagach,
Tha té 'n Cluaidh 's am bi mi tathaich.
Nam biodh agam bothan greannmhor,
Le similear 's an darna ceann dheth;
Thiginn dhachaidh 'n àm a' gheamhraidh,
Neo-ar-thaing nach dèanainn banais.
Bheirinn comhairl' air an òigridh
Gun a dhol a chaoidh a sheòladh;
Eiridh dhaibh mar dh'éirich dhomhsa,
Bhi ri m'bheò 's am pòca falamh.