Uibhist Nam Beann Arda
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
O gur toil leam, e gur toil leam,
'S toil leam Uibhist nam beann àrda;
Tìr nan laoch bha làidir furail
Choisinn urram do Chlann Ràghnaill.
Fhir a théid a-null a dh'Uibhist
'Nad fhear turuis air a' bhàta,
Gheibh thu eachdraidh ann ad uidhe,
'S gheibh thu spionnadh ann ad shlàinte.
Gheibh thu daoin' ann bàidheil, fialaidh,
'S chì thu fiamh a tha fo bhlàth orr';
Eadar Poll a' Charr' is Iochdar,
Cha laigh ghrian air àit as àille.
Do Loch Baghasdail ann an "Staffa",
Baile snasail, cala sàbhailt',
'S cò chaidh riamh ann nach robh sona,
'S a sìor-mholadh a luchd àitich?
Chì thu Eirisgeidh nan lusan
Chaidh a chur ann le Prìonns' Teàrlach;
'S tobhta Flòraidh 'n Airigh Mhuilinn,
Far an d'rugadh i 'na pàisde.
Caisteal Ormacleit gun mhullach,
'S tric a chluinnte guth a' bhàird ann
Togail dàn air euchd nan curaidh,
Choisinn urram do Chlann Ràghnaill.
Cailean Uibhist tha iad bòidheach,
Mar a' ghrian air òr a' deàrrsadh;
'S ged nach tuigeadh tu "A' Leòbhra"
Bheir iad dòigheil dhut a' Ghàidhlig.
Baile maiseach tha 'n Loch Sgiobort
Nuair bha mise greis a' tàmh ann,
Thog mi fhìn 's mo phàisdean lurach
Càrnan Iubailidh do'n Bhàn-righ'nn.
Ach ma théid thu tuath dha'n Iochdar
Fada sìos gu bial na tràghad,
Nuair a bhios tu dol a null oirr'
Fiach nach dean na tuinn do bhàthadh.